Tadhal cover art

Tadhal

Tadhal

By: BBC Radio nan Gàidheal
Listen for free

A h-uile dùil, dòchas agus fealla-dhà - thig còmhla ri Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy ‘son sùil spòrsail air Cupa na Cruinne 2026.

(C) BBC 2026
Episodes
  • 6. Air an t-Sitig
    Jun 26 2026

    Le Alba a' call an aghaidh Bhrasil, an tèid againn air fuireach aig Cupa na Cruinne? Tha Innes Scullion agus Artair Donald a’ tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy gus meòrachadh air sin agus iad le chèile a' toirt sùil spòrsail air mar a tha a' dol dhuinn san fharpais.

    Tha Artair dìreach air tilleadh à Boston. Cluinnidh sinn cuideachd bho Seona McClintock ann am Miami. Tha ticead aice dhan ath ghèam aig Alba, mas e agus gum faigh sinn troimhe.

    Show More Show Less
    51 mins
  • 5. Dòchas
    Jun 22 2026

    Le aon ghèam anns na buidhnean air fhàgail, tha Calum MacIllinnein agus Catherine Tinney a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026. Às dèidh gèam Mhorogo, bheil iad a' faireachdainn dòchasach an aghaidh Brasil?

    Show More Show Less
    45 mins
  • 4. Bàrr na Buidhne
    Jun 16 2026

    Le Alba aig mullach na buidhne, tha Somhairle MacIain is Darren MacIlleathain a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026.

    Tha Darren air a bhith a' dol gu Hampden fad fichead bliadhna, tha Somhairle ùr dhan spòrs - ach le Cupa na Cruinne air aire a h-uile duine a ghlacadh, bha iad le chèile a' coimhead a' chiad ghèam aig Alba an aghaidh Haiti. Tha iad gu bhith a' coimhead Alba v Morogo, cuideachd.

    San eapasod seo, tha Catrìona Lexy Chaimbeul ann am Boston agus i ag innse do chàch mu na tha a' dol thall.

    Show More Show Less
    50 mins
adbl_web_anon_alc_button_suppression_t1
No reviews yet